Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann

Eachdraidh na Gàidhlig ann an Dùn Èideann

Ro-ràdh do dh'eachdraidh na Gàidhlig ann an Dùn Èideann, bho Rìoghachd Ghàidhlig na h-Alba gus an latha an-diugh.

Tha a’ Ghàidhlig air a bhith ann an Dùn Èideann fad còrr is mìle bliadhna, bho chaidh am baile a dhèanamh na phàirt den Rìoghachd Ghàidhlig Alba. 

B’ e a’ Ghàidhlig an cànan a bu chumhachdaich a thaobh poileataics, eaconamais agus cultair ann an Dùn Èideann fad co-dhiù dà linn mus do thòisich i air crìonadh san dàrna linn dheug. Ann an linntean nas fhaisg oirnn fhèin, thàinig àireamh nach bu bheag de Ghàidheal don chathair-bhaile bhon Ghàidhealtachd agus stèidhich iad coimhearsnachd Ghàidhlig a tha air a bhith ann bhon uair sin.

Bha luchd na Gàidhlig am measg nan clasaichean sòisealta uile ann an Dùn Èideann san ochdamh linn deug. Bha Gàidhlig aig tòrr de na daoine a bhiodh a’ togail chathraicheaniomchair, aig buill de Gheàrd a’ Bhaile agus aig searbhantan.

Bha i cuideachd aig proifeiseantaich. Bhiodh tòrr de na h-uaislean aig an robh Gàidhlig a’ fuireach ann an Dùn Èideann airson pàirt den bhliadhna. Chaidh a’ chiad chaibeal Gàidhlig a stèidheachadh san t-Seann Bhaile ann an 1769 agus tha seirbheisean Gàidhlig fhathast a’ dol air adhart san latha an-diugh ann an Eaglais nam Manach Liath. Bha taic dhan Ghàidhlig agus a litreachas am measg nan amasan tùsail aig Comann Gàidhealach agus Àiteachais Rìoghail na h-Alba, a chaidh a stèidheachadh ann an Dùn Èideann ann an 1784. 

Tha Dùn Èideann cuideachd air a bhith na àite fìor chudromach ann an gnothaichean cultarach, sgoileireil is cruthachail na Gàidhlig. Chaidh a’ chiad leabhar Gàidhlig fhoillseachadh an seo ann an 1567 agus a’ chiad chruinneachadh de bhàrdachd Ghàidhlig ann an 1751.

Stèidhich Oilthigh Dhùn Èideann a’ chiad Chathair Ceiltis ann an Alba ann an 1882. Tha am baile air a bhith na dhachaigh do iomadh prìomh sgrìobhadair is sgoilear Gàidhlig thar nam bliadhnaichean, a’ gabhail a-steach am bàrd Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir (1724-1812), neach-cruinneachaidh beul-aithris Alasdair MacGilleMhìcheil (1832-1912), agus am bàrd Somhairle MacGill-Eain (1911-96).

Tha cuid de phrìomh bhàird is luchd-sgrìobhaidh nobhailean san latha an-diugh air a bhith stèidhichte ann an Dùn Èideann. A rèir cunntas-sluaigh 2011, bha 5,935 daoine ann an Dùn Èideann aig an robh sgilean Gàidhlig, no mu 1.29 sa cheud de shluagh a’ bhaile.

Ged a tha an ceudad beag, tha e cudromach gu bheil mu 6.82 sa cheud de luchd-labhairt Gàidhlig na h-Alba a’ fuireach ann an Dùn Èideann. Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air a thoirt seachad ann an Dùn Èideann ann am Bun-sgoil Taobh na Pàirce agus ann an Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig.