Plana na Gàidhlig

Plana an Oilthigh

Anns a’ Ghiblean 2011 dh’iarr Bòrd na Gàidhlig oirnn Plana Gàidhlig a dheasachadh. Is e Bòrd na Gàidhlig a’ bhuidheann phoblach airson piseach a thoirt air cor na Gàidhlig agus inbhe na cànain ann an Alba.

students reading in library

Tha am Plana ag amas air aire a thogail mun Ghàidhlig agus cothroman practaigeach a chruthachadh airson a cleachdadh. Tha e a’ dèiligeadh ri dleastanasan ann an ceithir prìomh raointean a tha Bòrd na Gàidhlig air ainmeachadh (ìomhaigh, conaltradh, foillseachaidhean agus luchd-obrach) agus a’ sealltainn ciamar a chuidicheas an t-Oilthigh ann an bhith a’ cur Plana Nàiseanta na Gàidhlig an gnìomh.

Tha am Plana cuideachd a’ sealltainn ciamar a thèid an gnìomhachadh seo a thoirt air adhart agus ciamar a thèid na cinn-uidhe a thig às a sgrùdadh. Chuir an t-Oilthigh am plana aige gu Bòrd na Gàidhlig san Lùnastal 2012 agus rinn an t-Oilthigh cuid atharraichean a rèir am molaidhean. Thèid am Plana a chur air bhog as t-fhoghar, 2013.

Tha Oilthigh Dhùn Èideann air aon de cheithir stèidheachdan foghlaim àrd-ìre a tha air Plana Gàidhlig a dheasachadh o chionn ghoirid. Dh'iarr Bòrd na Gàidhlig, a' bhuidheann phoblach neo-roinneil a chaidh a stèidheachadh a chum adhartachadh na Gàidhlig agus leasachadh inbhe a' chànain ann an Alba, air Oilthighean Obar Dheathain, Ghlaschu agus Shrath Chluaidh planaichean a dhealbhadh cuideachd. B' e Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean a' chiad oilthigh a chuir Plana Gàidhlig a-steach, anns an t-Samhain 2009.

Ionad-fàilte na Seann Cholaiste

Mar phàirt de ùrachadh ionad-fàilte na Seann Cholaiste, bidh na sanasan air an taobh a-muigh dà-chànanach. Ann am Plana Gàidhlig an Oilthigh, rinn sinn gealladh sanasan dà-chànanach a chur ann aig grunn àiteachan cudromach aig an Oilthigh. Tha sanasan dà-chànanach aig ionad-fàilte na Seann Cholaiste agus aig ionadan-rianachd eile an Oilthigh a' taisbeanadh dealas Oilthigh Dhùn Èideann gus inbhe na Gàidhlig a thogail aig an Oilthigh, mar a mhìnich sinn an am Plana Gàidhlig an Oilthigh.

Planaichean Gàidhlig

Related Links