Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann

Blasad Gàidhlig

Tha sinn a’ ruith grunn chlasaichean ‘blasad Gàidhlig’ ann an com-pàirt leis an Oifis Foghlam Fad-bheatha agus Comann Oileanach Oilthigh Dhùn Èideann.

Students listening in a seminar class

A dh’ionnsaigh aire a thogail mun Ghàidhlig am measg luchd-obrach is oileanaich, tha an t-Oilthigh a’ tabhann cùrsaichean sia seachdainean de chlasaichean ‘blasad Gàidhlig’ dhaibh an-asgaidh a bhios nan toiseach tòiseachaidh anabarrach math airson tuilleadh ionnsachaidh anns na clasaichean cànain aig an Oifis Foghlam Fad-bheatha.

Geàrr-chunntas Cùrsa

Is e amas a’ chùrsa inntrigeadh a thoirt do luchd-obrach is oileanaich air bun-fhiosrachadh mu chànan na Gàidhlig. Ionnsaichidh tu teacsaichean sìmplidh a leughadh agus a thuigsinn, dè dh’fhaighnicheas agus dè fhreagras tu nuair a choinnicheas tu ri daoine ùra agus a bhith a’ bruidhinn mud dheidhinn fhèin.

Tha gràmar ga theagasg ann an dòigh eadar-obrachail. Tha cleachdadh cànain a’ tachairt ann am buidhnean beaga, a’ leasachadh sgilean còmhraidh, eacarsaich sgrìobhte aig an taigh agus eacarsaich èisteachd. Gheibhear an stuth ionnsachaidh uile bhon tidsear.

Eòlas mus faighear air a’ chùrsa

Chan fheum sibh eòlas sam bith.

Susbaint a’ Chùrsa

  • Tòiseachadh air fuaimneachadh agus litreachadh na Gàidhlig agus mar a tha sèimheachadh ag obair.
  • A’ cur fàilte air daoine agus ag innse mud dheidhinn fhèin.
  • An uair agus àireamhan.
  • An t-alt, roimhearan riochdail, cuspairean dìreach.
  • Tràthan làthaireach, caithte agus teachdail de ghnìomhairean.

Dòighean-teagaisg

Tha an cùrsa ga theagasg ann an clasaichean beaga, uaireannan air an roinn ann am buidhnean dithis no triùir agus uaireannan mar chlas slàn, agus thèid goireasan claistinn-lèirsinn a chleachdadh cuideachd. Feumar obair a dhèanamh taobh a-muigh a’ chlas air obair-dhachaigh agus ath-leughadh airson an leas as fheàrr fhaighinn às a’ chùrsa agus na cinn-uidhe ionnsachaidh a ruighinn.

Cinn-uidhe Ionnsachaidh

Aig deireadh a’ chùrsa bu chòir do dhaoine a bhith comasach air:

  • Gàidhlig fhuaimneachadh gu reusanta soilleir.
  • Siostam litreachaidh na Gàidhlig a thuigsinn.
  • Riaghailtean gràmair bunasach na Gàidhlig a thuigsinn.
  • Abairtean practaigeach Gàidhlig a thuigsinn agus a ràdh.

Leughadh

Thèid duilleagan-obrach a thoirt a-mach; cha leig sibh a leas leabhar a cheannach ann.

Cuin a tha na clasaichean?

Bidh clasaichean a' ruith air na làithean seo:

  • Luchd-obrach – Gheibhear fiosrachadh air sianal 'Events' air MyEd.
  • Oileanaich – Gheibhear fiosrachadh bho EUSA aig a' cheangal gu h-iosal.

Clàradh

Faodar àite a chlàradh air na clasaichean blasad Gàidhlig tro sianal 'Events' air MyEd (luchd-obrach) agus Comann Oileanach Oilthigh Dhùn Èideann (oileanaich).