Plana na Gàidhlig

Sgeama Taic-airgid Gàidhlig Oilthigh Dhùn Èideann

Tha Oilthigh Dhùn Èideann a’ toirt taic-airgid seachad tron sgeama seo gus taic a thoirt do dh’oileanaich an Oilthigh a tha airson amasan Plana Gàidhlig Oilthigh Dhùn Èideann 2013-18 a choileanadh: inbhe na Gàidhlig a thogail aig an Oilthigh agus cothroman practaigeach a chruthachadh far an tèid a cleachdadh.

Ceann-latha airson iarrtasan

Tha an sgeama seo dùinte aig an àm seo.

Airidheachd

Oileanaich fa leth no comainn aig Oilthigh Dhùn Èideann

Ìre iarrtasan

£50-£100

Cànan

Gheibhear iarrtasan ann an Gàidhlig, Beurla no an dà chànan.

Amasan an sgeama

Thèid pròiseictean am measadh à reir na tomhasan a leanas. Thèid pròiseictean am maoineachadh a:

  • leudachas inbhe na Gàidhlig aig an Oilthigh.
  • chruthachas cothroman gus Gàidhlig a chleachdadh aig an Oilthigh.
  • chruthachas no neartachas ceangalan ri buidhnean coimhearsnachd.
  • tha ùr, ùr-ghnàthach, no a chuireas ri tachartas no pròiseict gus na h-amasan gu h-àrd a choileanadh.

Bidh pròiseactan soirbheachail a chleachdas am maoineachadh a th' ann san dòigh às èifeachdaich. Bu chòir tagraichean a bhith soilleir mu ciamar a choileanas am pròiseact amasan an sgeama agus mu chomasan an tagraiche airson am pròiseact a thoirt gu buil. Bu chòir foirmichean iarrtais a bhith soilleir agus glan. 

Thèid foirmichean-iarrtais am measadh le panail, air a bheil riochdairean bho Bhuidheann Rùnaire an Oilthigh agus Ceiltis & Eòlas na h-Alba.

a' Bh-uas Bria Mason

Oifigear na Gàidhlig

  • Oilthigh Dhùn Èideann

Contact details

Address

Street

5 Forrest Hill

City
Dùn Èideann
Post Code
EH1 2QL

Availability

  • San oifis Dimàirt-Diardaoin

 

Related Links

English version