Plana na Gàidhlig

Gnìomhan Gàidhlig

Gheibhear an-seo fiosrachadh mu ghnìomhan Gàidhlig an Oilthigh.

Tachartasan

Thèid grunn thachartasan co-cheangailte ris a' Ghàidhlig do dh'oileanaich, don luchd-obrach agus don phoball a chumail rè na bliadhna, a' gabhail a-steach chlasaichean, òraidean is bhùitean-obrach.

Co-chomhairle mu Sheòmar Gàidhlig

Chuir an t-Oilthigh co-chomhairle air dòigh mu sheòmar Gàidhlig a stèidheachadh aig an Oilthigh anns an Dàmhair 2014.

Oifigear na Gàidhlig

Tha an t-Oilthigh air Oifigear Gàidhlig fhastadh airson a’ chiad turas. Bidh an t-oifigear deatamach ann an lìbhrigeadh Plana Gàidhlig an Oilthigh.

Duais Ghàidhlig Dhùn Èideann

Tha Duais Dhùn Èideann a’ toirt cothrom do dh’oileanaich an sgilean a leasachadh fhad ’s a tha iad ag obair gus Gàidhlig a bhrosnachadh aig an Oilthigh agus anns a’ bhaile. Cuiridh e taic ri oileanaich gus barrachd luach fhaighinn às na gnìomhan seo agus aire fhaighinn airson an cuid obrach.

Sgeama Taic-airgid Gàidhlig Oilthigh Dhùn Èideann

Tha Oilthigh Dhùn Èideann a’ toirt taic-airgid seachad tron sgeama seo gus taic a thoirt do dh’oileanaich an Oilthigh a tha airson amasan Plana Gàidhlig Oilthigh Dhùn Èideann 2013-18 a choileanadh: inbhe na Gàidhlig a thogail aig an Oilthigh agus cothroman practaigeach a chruthachadh far an tèid a cleachdadh.