Plana na Gàidhlig

Ceistean Bitheanta

Ceistean mun Ghàidhlig aig an Oilthigh? Thoiribh sùil air na ceistean bitheanta seo.

Ciamar a gheibh mi barrachd fiosrachaidh mu Phlana Gàidhlig Oilthigh Dhùn Èideann?

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu ar Plana Gàidhlig air an làrach-lìn seo. Ma tha ceist shònraichte agaibh, nach cur sibh fios gu Bria Mason, Oifigear Gàidhlig Oilthigh Dhùn Èideann (fiosrachadh aig bonn na duilleige).

Ciamar a gheibh mi fiosrachadh mu naidheachdan 's tachartasan Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann?

Tha mi nam oileanach. Ciamar a chleachdas mi a' Ghàidhlig aig an Oilthigh?

  • Faodaidh tu a bhith a' conaltradh ris an Oilthigh tro mheadhan na Gàidhlig. Tha an t-Oilthigh air gealltainn gum freagair conaltradh sgrìobhte sa Ghàidhlig a cheart cho luath ris a' Bheurla.
  • Tha poileasaidh aig an Oilthigh air cleachdadh na Gàidhlig ann an obair a thèid a mheasadh. Gheibhear am poileasaidh aig a' cheangal a leanas.
  • Faodaidh tu iarraidh air an Oilthigh taoitear pearsanta aig a bheil Gàidhlig a thoirt dhut. Nì an t-Oilthigh oidhirp gus seo a dhèanamh.
  • Nì an t-Oilthigh oidhirp buidheann oideachaidh tro mheadhan na Gàidhlig a chur air dòigh (a rèir solarachadh thaoitearan agus iarrtas oileanach) anns na cùrsaichean a leanas: Sìobhaltachd nan Ceilteach 1A agus 1B, Eòlas na h-Alba 1A agus 1B, Eachdraidh na h-Alba sna Meadhan Aoisean agus Eachdraidh na h-Alba san Linn Ùr-nodha Thràth.
  • Bidh an t-Oilthigh a' cur air dòigh measgachadh de thachartasan Gàidhlig tron bhliadhna. Cum sùil air an duilleig Thachartasan againn, Facebook, agus Twitter airson fiosrachaidh. Bidh tachartasan Gàidhlig air an cur air dòigh, cuideachd, leis a' Chomunn Ceilteach, buidheann de dh'oileanaich.

'S e neach-obrach a th' annam. Ciamar as urrainn dhomh Gàidhlig a chleachdadh aig an obair?

Tha an t-Oilthigh gad bhrosnachadh ainmean-sgrìobhadh-d agus brath neo-làthaireachd puist-d dà-chànanach a chleachdadh. Faodaidh sibh cairtean gnothaich dà-chànanach fhaighinn, cuideachd. Ma tha ceist sam bith agaibh, nach cuir sibh post-d gu Oifigear Gàidhlig Oilthigh Dhùn Èideann.

Tha teamplaidean de bhrath neo-làthaireachd puist-d dà-chànanach rim faighinn aig a' cheangal a leanas.

'S e neach-obrach a th' annam. A bheil càil a dh'fheumas mi dèanamh air sgàth Plana Gàidhlig Oilthigh Dhùn Èideann?

Tha Plana Gàidhlig Oilthigh Dhùn Èideann a' cur cuideam air cothroman cleachdadh na Gàidhlig a chruthachadh agus inbhe na Gàidhlig a thogail, 's chan ann a bhith a' sparradh dhleastanasan air duine sam bith. Ge-tà, on a tha an t-Oilthigh air cuid de gheallaidhean a dhèanamh a bhuineas dhan luchd-obrach air fad, bidh e cudromach fios a bhith agaibh air na geallaidhean a leanas:

  • Gabhaidh an t-Oilthigh ri post is post-d sa Ghàidhlig agus freagraidh iad sa Ghàidhlig nuair a bhios freagairt a dhìth. Ma gheibh sibh conaltradh sa Ghàidhlig is mur an urrainn dhuibh dèiligeadh ris sibh fhèin, nach cuir sibh fios gu Oifigear Gàidhlig an Oilthigh.
  • Feumaidh beachdachadh a dhèanamh air Gàidhlig a chleachdadh ann an taisbeanaidhean iomraiteach, a' sealltainn spèis cho-ionannach dhan a' Ghàidhlig agus a' Bheurla, nuair a thèid an ùrachadh no ath-nuadhachadh.
  • Nì an t-Oilthigh oidhirp gus Taoitear Pearsanta aig a bheil Gàidhlig, anns an Sgoil sa bheil an t-oileanach, a thoirt do dhuine sam bith a dh'iarras a leithid. Bu chòir dhan luchd-obrach oidhirp a dhèanamh gus seo a dhèanamh airson oileanach sam bith a dh'iarras e.
  • Tha Poileasaidh aig an Oilthigh a thaobh cleachdadh na Gàidhlig ann an obair a thèid a mheasadh. Faodar a leughadh aig a' cheangal a leanas.
  • Tha an t-Oilthigh a' brosnachadh gach neach-obrach gus am Plana Gàidhlig a leughadh, oir tha e comasach gum buin geallaidhean eile ris an obair shònraichte agaibh fhèin. Faodaidh gach neach-obrach taic a chumail ri brìgh a' Phlana Gàidhlig le bhith a' brosnachadh cultar anns an Oilthigh far a bheil spèis air a thoirt dhan Ghàidhlig agus do luchd-làbhairt na Gàidhlig.

Dè na cothroman airson Gàidhlig ionnsachadh aig an Oilthigh?

  • Le taic bho Bhòrd na Gàidhlig, tha an t-Oilthigh a' tabhann ceithir clasaichean blasad (6 seachdain do gach clas) gach bliadhna an asgaidh: aon do dh'oileanaich is aon do luchd-obrach gach Foghar is Earrach. 'S e toiseach tòiseachaidh a th' anns na clasaichean seo gus na h-oileanaich a bhrosnachadh gus barrachd ionnsachadh.
  • Tha an Oifis Foghlam Fad-beatha a' tabhann chlasaichean oidhche. Faic an làrach-lìn aca airson an fhiosrachaidh as ùra.
  • Tha roinn Ceiltis 's Eòlas na h-Alba a' tabhann chùrsaichean airson creideas. Faodaidh oileanaich a dhol an sàs anns na cùrsaichean seo ma tha seo ag obair leis a' chùrsa aca fhèin.
  • Bidh an t-Oilthigh agus am pròiseact Tandem (EUSA) a' tabhann chothroman còmhraidh tron bhliadhna.
  • Gheibhear fiosrachadh mu chlasaichean Ghàidhlig air feadh na h-Alba agus goireasan ionnsachaidh air làrach-lìn LearnGaelic.

Ciamar a chleachdas mi seirbheisean eadar-theangachaidh?

Tha sinn ag obair gus seirheis eadar-theangachaidh oifigeil a chur air dòigh aig an Oilthigh. Gus am bi seo deiseal, nach leig sibh fios gu Oifigear Gàidhlig an Oilthigh ma tha sibh ag iarraidh cuideachaidh.

Ciamar as urrainn dhomh sràcan a chleachdadh air coimpiutairean an oilthigh?

'S e a bhith cleachdadh meur-chlàr 'United Kingdom Extended' an dòigh as fhasa seo a dhèanamh.

Faodaidh sibh seo a dhèanamh le bhith fosgladh an start menu, agus 'Control Panel' a thaghadh. An uairsin, tagh 'Region and Language'. Tagh an tab 'Keyboards and Languages', agus dèan cliog air a' phutan 'Change Keyboards'. Dèan cliog air a' phutan 'Add', 's dèan cliog air a' phlus sign ri taobh 'English (United Kingdom)'. Fo 'Keyboard', tagh 'United Kingdom Extended'. Dèan cliog air a' phutan 'Ok'. Dèan cinnteach gu bheil 'English (United Kingdom) - United Kingdom Extended) air a thaghadh bhon chlàr aig mullach an tab 'General', a bu chòir nochdadh an-dràsta. Dèan cliog air 'Ok' gus an uinneag a dhùnadh. Dèan cliog air 'Ok' gus an uinneag Region and Language a dhùnadh.

Aon uair 's gu bheil sibh air seo a dhèanamh, tha sràcan furasta ri dhèanamh. Chan fheum sibh ach seo: ' (aig mullach a' mheur-chlàr, air an taobh clì) a bhualadh, 's an uairsin an fhuaimreag a tha sibh ag iarraidh ( ‘+ U = Ù ).

A bheil bathar-bog ri fhaighinn air siostaman an Oilthigh?

  • Tha sinn a' rannsachadh an-dràsta dè am bathar-bog a dh'fhaodamaid cleachdadh air siostaman an Oilthigh. Thèid an fhreagairt seo ùrachadh nuair a bhios barrachd bathar-bog ri fhaighinn.

A bheil dòigh ann do dhaoine aig nach eil tòrr fios mu dheidhinn na Gàidhlig barrachd ionnsachadh?

Bidh an t-Oilthigh gu tric a' tabhann shèiseanan blasaid air cànan is cultar na Gàidhlig do dh'oileanaich is luchd-obrach tron teirm. Tha na sèiseanan seo a' tabhann fiosrachaidh mu dheidhinn na Gàidhlig, a h-eachdraidh, a h-àite ann an Alba agus Dùn Èideann, agus a dìleab is cultar. Faodaidh oileanaich is luchd-obrach clàradh a dhèanamh air na tachartasan seo tro sianal Events air MyEd. Gheibhear barrachd fiosrachaidh agus cinn-latha air an duilleig-lìn a leanas.

Bria Mason

Oifigear na Gàidhlig

  • Oilthigh Dhùn Èideann

Contact details

Address

Street

27 Cearnag Sheòrais

City
Edinburgh
Post Code
EH8 9LD