Celtic & Scottish Studies

Oilthigh Dhùn Èideann a’ fastadh Oifigear Gàidhlig

Mar phàirt den Phlana Ghàidhlig an Oilthigh, a thèid fhoillseachadh tràth sa Bhliadhn’ Ùr, chaidh Bria Mason fhastadh mar Oifigear Ghàidhlig an Oilthigh.

Mason Bria

Tha Bria ag obair an-dràsta mar Oifigear Leasachaidh Gàidhlig aig Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, stèidhte ann an Steòrnabhagh, far a bheil i an urra ri dealbhadh dàrna plana Gàidhlig na buidhne (2012-15). Fhuair Bria ceum le urram (air a’ chiad ìre) ann an Ceiltis aig Oilthigh Dhùn Èideann ann an 2009 agus an uair sin fhuair i MLitt ann am Poileasaidh is Planadh Cànain aig Oilthigh Obar Dheathain ann an 2011.

Tòisichidh Bria na dreuchd air 4 Gearran 2013. Bidh a h-oifis aig 27 Ceàrnag Sheòrais ged a bhios i na ball de sgioba Sheirbheisean Oileanach is Acadaimeagach (SASG) an Oilthigh. ’S e a prìomh dhleastanas Plana Gàidhlig an Oilthigh a chur an gnìomh, fo stiùir Buidheann Obrach a’ Phlana Ghàidhlig.

Plana an Oilthigh