Celtic & Scottish Studies

Prìomh dhleastanasan sgoilearan Ceilteach gus feuchainn ri tarraing na Gàidhlig a leudachadh

Thathas air eòlaiche cliùiteach ann an Gàidhlig is ann am poileasaidh cànain na Gàidhlig a chur an dreuchd sa Chathair Ollamhachd Cheiltis as aosta ann an Alba.

 

Read this article in English:

English version

’S e an t-àrd-rannsaichear, An t-Ollamh Raibeart Dunbar, ollamh ùr Cathair Ceiltis, Litreachais, Eachdraidh is Àrsaidheachd Oilthigh Dhùn Èideann, a chaidh a stèidheachadh ann an 1882.

Tha an dreuchd mar aon de dhà a tha a’ neartachadh dleastanas an oilthigh a thaobh Ceiltis is Eòlas na h-Alba, agus adhartachadh cànan is cultar na Gàidhlig san oilthigh agus air an taobh a-muigh.

A’ gabhail dreuchd ùr os làimh cuideachd tha an t-Ollamh Wilson MacLeòid a th’ air a chur gu cathair pearsanta ann an Gàidhlig. ’S e an t-Oll. MacLeòid a tha an-dràsta na cheannard air Ceiltis is Eòlas na h-Alba.

An t-Ollamh Dunbar

Tha aithne ga thoirt dhan Ollamh Dunbar mar aon de phrìomh eòlaichean an t-saoghail air poileasaidh cànain na Gàidhlig. Mus deach a chur an dreuchd ann an Dùn Èideann, bha e na Àrd Ollamh Rannsachaidh aig Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Ann an sin bha e na Stiùiriche Rannsachaidh air Soillse, co-phròiseact oilthighean luach £5.29 millean far a bheil Dùn Èideann an sàs cuideachd. Chaidh an ro-innleachd a stèidheachadh gus rannsachadh a dhèanamh air diofar thaobhan de phoileasaidh gnàthaichte cànain is dealbhachaidh na Gàidhlig.

Tha ceum PhD Ceiltis aige bho Oilthigh Dhùn Èideann, far an tug e cunntas air beatha is bàrdachd shaoghalta Iain MhicIllEathain, 'Bàrd Thighearna Cholla' (1787-1848), bàrd ainmeil Tiridhisteach a chaidh a dh’Alba Nuadh ann an 1819. Tha na cuspairean rannsachaidh sa bheil ùidh aige a’ gabhail a-steach Gàidhlig ann an Canada agus comann Gàidhlig na 19mh linne.

An t-Ollamh MacLeòid

Chaidh an t-Ollamh MacLeòid a dh’obair dhan Oilthigh ann an 2001. Tha ùidh rannsachail aige ann an cùisean poileasaidh agus dealbhachaidh cànain ann an Alba agus ann an litreachas Gàidhlig agus cultar ann an Èirinn is Alba bho na Meadhan Aoisean gun latha an-diugh. Tha an t-Ollamh MacLeòid na cheumnaiche bho Cholaiste Haverford agus Sgoil Lagha Harvard agus tha dà for-cheum aige bho Dhùn Èideann. Tha e air ochd leabhraichean a sgrìobhadh no a dheasachadh agus tha e an-dràsta a’ crìochnachadh sgrùdadh air a bheil an tiotal: Gaelic in Modern Scotland: Policies, Movements and Ideologies.

Dreuchdan cudromach

Thuirt an t-Ollamh Jeremy Robbins, ceannard Sgoil Litreachasan, Chànanan is Chultaran aig Oilthigh Dhùn Èideann gun neartaich na dreuchdan ealantas gun choimeas an Oilthigh ann an cànanan is cultaran an t-saoghail.

Tha iad sin nan dreuchdan brosnachail is cudromach dha Sgrùdadh Ceiltis &Eòlas na h-Alba. Bheir dreuchd an Ollaimh Dunbar gu Cathair eachdraidheil nan Cànan Ceiltis, Litreachais, Eachdraidh is Àrsaidheachd adhartachadh air ar ceannas rannsachaidh ann an Gàidhlig agus tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ris agus ris an Ollamh MacLeòid gus leasachadh a dhèanamh air Sgrùdadh Ceiltis is Eòlas na h-Alba ann an Dùn Èideann.

Professor Jeremy Robbins

Cathair Eachdraidheil

Thòisich teagasg na Gàidhlig san Oilthigh le Cathair na Ceiltis ann an 1882 an dèidh iomairt a rinn John Stuart Blackie (1809-95) Ollamh na Greugais san oilthigh. B’ e a’ Chiad Ollamh ann an Ceiltis, Dòmhnall MacFhionghain 1839-1914), agus bha iomadh sgoilear iomraiteach san dreuchd às a dhèidh, leithid William J. Watson (1865-1948), Kenneth Jackson (1909-91), agus o chionn ghoirid William Gillies, a leig dheth a dhreuchd ann an 2009.

Taic do leasachadh na Gàidhlig

An-diugh, tha Roinn na Ceiltis agus Eòlas na h-Alba a’ teagasg na Gàidhlig aig gach ìre. Tha sin a’ còmhdach cànan agus litreachas an latha an-diugh agus nam meadhan aoisean, a bharrachd air cùisean co-cheangailte ri cultar na Gàidhlig. Fhuair an Roinn aithne o chionn ghoirid ann an Duaisean Teagaisg san EUSA (Edinburgh University Students’ Association) san earrainn airson na Sgoil no an Raon Cuspaireil as fheàrr. Tha stòrasan beairteach, Gàidhlig a’ cur taic ris na cothroman airson ionnsachadh na Gàidhlig. Nam measg sin tha Tasglainn Sgoil Eòlais na h-Alba aig a bheil fiach nam mìltean uairean a thìde de chlàraidhean Gàidhlig bhon choimhearsnachd, agus cuideachd cruinneachadh farsaing de làmh-sgrìobhainnean.

Gàidhlig san àm ri teachd

San fhoghar 2014, foillsichidh an t-Oilthigh Plana Cànain na Gàidhlig a tha a’ nochdadh dealas a thaobh nan amasan a tha stèidhichte ann am Plana Nàiseanta Gàidhlig Bhòrd na Gàidhlig, 2012-2017. Seallaidh am plana mar a chleachdas an t-Oilthigh a’ Ghàidhlig san dòigh obrachaidh againn, mar a thèid a’ Ghàidhlig a chleachdadh ann an conaltradh ris a’ phoball agus ri prìomh chompàirtichean, agus mar a thèid a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh agus a leasachadh. Toiseach na bliadhna, dh’fhastaidh an t-Oilthigh a’ chiad Oifigear Gàidhlig gus Plana Gàidhlig an Oilthigh a chur an gnìomh.

Related Links

Plana na Gàidhlig